Mòr-dhàil Aonaidhean-ciùird na h-Alba | |
1897[1] | |
Fiosrachadh | |
Buill | 630000 |
Cleamhnachadh | ITUC |
Daoine | Greum Mac a' Ghobhainn, Satnam Ner, Dave Moxham |
Oifisean | 333 Rathad Woodlands, Glaschu G3 6NG |
Dùthaich | Alba |
Làrach-lìn | http://www.stuc.org.uk/ |
'S e aonad nàiseanta nan aonaidhean-ciùird ann an Alba a th' ann an STUC (ainm slàn: Scottish Trades Union Congress, Gàidhlig: Mòr-dhàil Aonaidhean-ciùird na h-Alba). Bidh an STUC a' riochdachadh mòr-chuid nan aonaidhean-ciùird ann an Alba. Chaidh a chruthachadh ann an Glaschu ann an 1897 air sàilleabh gu robh cuid a dhaoine mì-thoilichte leis na bha an TUC a' deanamh a thaobh riochdachadh nan luchd-obrach anns a' Pharlamaid.[2] Aig an ìre seo tha 36 aonaidhean-ciùird air an cleamhnachadh ris - EIS, UNISON agus UNITE nam measg - is iadsan a' riochdachadh mu 630,000 duine uile gu lèir. 'S e Greum Mac a' Ghobhainn a tha na àrd-rùnairean a-nis.[3] 'S ann ag amas air iomairtean le ìomhaigh àrd a chuir air dòigh, is e a' strì airson amasan agus beusan nan aonaidhean-ciùird. A bharrachd air sin, bithear a' cuideachadh aonaidhean-ciùird a thaobh fhastadh buill, a bhith nas èifeachdaiche agus ag obair an aghaidh chonnspairn eadar aonaidhean-ciùird agus airson dlùth-phàirteachas.